Taic do dh'ionad-turasachd ùr

  • Air fhoillseachadh
Caisteal Inbhir NisTùs an deilbh, Dr Richard Murray
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh an caisteal a thogail mar thaigh-cùirte bho chionn còrr is 150 bliadhna.

Chaidh taic a thoirt do phlanaichean airson Caisteal Inbhir Nis a dhèanamh na àite-tadhail do luchd-turais.

Bha a' mhòr-chuid de chòrr is 200 duine a ghabh pàirt ann an co-chomhairle, a' moladh an caisteal a dhèanamh na thaigh-tasgaidh agus gaileiridh, far am faigheadh daoine a-steach an asgaidh.

Thèid an taigh-cùirte a ghluasad gu ionad-ceartais ùr a thèid a thogail anns a' bhaile.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e rud a dh'fheumas a bhith an seo a bhios tarraingeach dha luchd-turais," thuirt Mgr Greumach.

"Ma thig thu a-bhos an seo air là Samhraidh tha an t-àite seo loma-làn luchd-turais a tha ag iarraidh an caisteal fhaicinn.

"Tha iad sa bhaile an dèidh dhaibh tighinn suas, a' cantainn riutha fhèin "uell, dè tha shuas an seo? Rudeigin inntineach eachdraidheil," agus sin agad an taigh-cùirte aig aon cheann agus oifisean na Comhairle aig a' cheann eile.

"Feumaidh rudeigin tarraingeach a bhith ann as urrainn dhan luchd-turais a bhith a' cleachdadh, 's a dh'fhàgas iad a' cantainn "b' fhiach siud".

"Bhiomaid ag iarraidh rudeigin feumail dha daoine sa bhaile cuideachd, agus bha roghainnean anns a' cho-chomhairle mu dheidhinn sin, can mar leabharlann, no àite far am b' urrainn bainsean a bhith ann, is rudan den t-seòrsa sin.

"'S e bun na cùise, gur e seo cridhe a' bhaile ann an dòigh.

"Tha fhios agam gu bheil daoine ann an Inbhir Nis bho chionn bhliadhnaichean mòra an dèidh a bhith a' cantainn gum bu chòir rudeigin a dhèanamh leis a' chaisteal.

"Bha seo aig aon àm na oifisean dhan Chomhairle, agus prìomh oifisean nam Poileas.

"Chaidh a thogail mar thaigh-cùirte còrr is 150 bliadhna air ais.

"Cha robh riamh càil an seo a bha tarraingeach dha luchd-turais," thuirt e.

Thathas an dòchas airgead fhaighinn airson an caisteal a dhèanamh na ionad-tadhail do luchd-turais bhon Aonta Bhaile, a tha fhathast a' feitheamh air dearbhadh bho Riaghaltas Westminster.