Gun ghuth air a' Ghàidhlig

BBC ALBA

Chan eil aithisg Comataidh an Fhòghlaim, a' Chultair agus an Spòrs aig Pàrlamaid na h-Alba mu ùrachadh Cairt a' BhBC a' toirt iomradh sam bith air craoladh Gàidhlig.

Airson a' chiad uair tha àite foirmeil aig Pàrlamaid na h-Alba ann am pròiseas ùrachaidh na Cairte, agus chaidh aithisg Comataidh a' Chultair fhoillseachadh Diluain an dèidh dhaibh rannsachadh farsaing a dhèanamh air a' cheist.

Tha i ag iarraidh barrachd smachd ann an Alba fhèin air na tha am BBC a' dèanamh, ach chan eil molaidhean innte mu phrògraman no sianailean fa leth oir tha an aithisg ag ràdh nach robh iad airson a dhol cho mionaideach sin.

Tha an aithisg ag iarraidh barrachd smachd do dh'Alba air a' BhBC, an dà chuid aig ìre riaghlaidh agus aig ìre stiùiridh làitheil.

A thaobh stiùiridh, tha iad ag ràdh gum bu chòir barrachd chumhachd a bhith aig manaidsearan a' BhBC ann an Alba air co-dhùnaidhean, coimiseanadh phrògraman agus buidseatan - gun a bhith a' crochadh cho mòr air stiùireadh Lunnainn.

Agus aig ìre riaghlaidh - an obair a tha Urras a' BhBC a' dèanamh an-dràsta - 's e guth nas làidire do dh'Alba a tha a dhìth orra, agus tha iad airson 's gum biodh a' bhuidheann riaghlaidh cunntachail do Phàrlamaid na h-Alba agus gum feumadh i nochdadh air beulaibh chomataidhean na Pàrlamaid.

Aon BhBC

Ged a tha mòr-chuid de bhuill bho Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba air a' chomataidh, chan eil an aithisg a' dol cho fada ri làn-structar feadarail iarraidh dhan BhBC, ged a dh'iarr Rùnaire Cultair Riaghaltas na h-Alba, Fiona Hyslop, sin anns an fhianais a thug ise dhan chomataidh.

Tha an aithisg ag ràdh gu bheil ceistean ann mu na dh'fhaodadh sin a bhith a' ciallachadh dhan BhBC ann an ceàrnan eile den Rìoghachd Aonaichte agus mun bhuaidh a dh'fhaodadh structar feadarail a thoirt air slighe ro-innleachdail a' BhBC agus air inbhe na buidhne mar shàr-chraoladair eadar-nàiseanta.

Ged a tha an aithisg a' moladh barrachd chumhachd dhan BhBC an Alba agus nas lugha smachd à Lunnainn, tha i ag ràdh gur dòcha nach fheumadh sin làn-structar feadarail a stèidheachadh.

Craoladh Gàidhlig

Ged a tha an aithisg ag ràdh gum feum am BBC "farsaingeachd chulturail" na h-Alba a thaisbeanadh, chan eil i ag ràdh càil gu sònraichte mu dheidhinn craoladh Gàidhlig, 's chan eil iomradh idir ga thoirt air BBC ALBA no air BBC Radio nan Gàidheal.

Chan eil i ag ainmeachadh an stèisein Bheurla Radio Scotland a bharrachd ge-tà, agus tha an aithisg fhèin ag ràdh gun robh a' chomataidh airson cùisean a chumail farsaing.

"Sheachain sinn a dhol an sàs ann an ceistean toinnte, teicnigeach mu riaghladh craolaidh, mu mhodailean eile air am BBC a mhaoineachadh seach cìs an telebhisein, agus deasbadan mu airidheachd phrògraman sònraichte air a' BhBC."

An àite sin, tha iad ag ràdh gum feum guth a bhith aig muinntir na h-Alba a thaobh mar a bu chòir dhan BhBC a bhith maoinichte anns an àm ri teachd agus na bu chòir dhan BhBC a thoirt seachad ann an Alba anns na bliadhnaichean romhainn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo