Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An Gearran 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Buidhnean Eucorra

Thuirt poilis gur aithne dhaibh 22 bhuidhinn ann an Alba aig a bheil ceanglaichean ri eucoir eadar-nàiseanta. Thuirt iad gu bheil co-obrachadh eadar Poilis Alba, Roinn na Cuspainn agus na Cìse, agus a' Bhuidheann Nàiseanta airson Eucoir, aig Campas Eucorra na h-Alba ann an Gart Cois, air ceanglaichean a thoirt am follais eadar gràisgean eucorra ann an Alba agus ann an dùthchannan eile.

Sealtainn

Thòisich ionad ùr ann an Sealtainn, a chosg £3bn, a' toirt gas air tìr às a' Chuan a Tuath. Bidh an t-ionad a' làimhseachadh mu 8% de ghas na Rìoghachd Aonaichte gu lèir, agus e a' toirt a' ghas sin à raointean mu 100 mìle an iar air Sealtainn.

Ola is Gas

'S tha aonaidhean luchd-obrach na h-ola agus gas a' cur buidhne ùire air bhonn ann an Obar Dheathain an-diugh mu choinneimh na tha de chall cosnaidh sa Chuan a Tuath. Tha dragh gu h-àraid air na h-aonaidhean gun toir cion an airgid droch bhuaidh air sàbhailteachd anns a' ghnìomhachas.

Coirea a Tuath

Thuirt na Dùthchannan Aonaichte gum bu chòir làn-dùil a bhith aig Coirea a Tuath ri smachd-bhannan ùra an dèidh dhaibh rocaid a chur dhan iarmaillt. Thuirt Pyong Yang gur ann a' cur saideil gu fànais a bha iad. Ach tha dùthchannan eile den bheachd gur e deuchainn eile a bh' ann air urchair ballistic.

Campaichean Fhògarrach

Tha dùil ri rabhadh bho Dhàibhidh Camshron an-diugh gum bi campaichean fhògarrach, mar a th' ann an Calais anns an Fhraing, ag èirigh ann an ceann a deas Shasainn ma 's e 's gum fàg Breatainn an t-Aonadh Eòrpach. Tha an iomairt airson falbh às an AE ag ràdh ge-tà, nach eil am Prìomhaire ach a' feuchainn ri bhith a' cur an eagail air daoine.

Cairt a' BhBC

Chan eil guth air craoladh Gàidhlig ann an aithisg Chomataidh a' Chultair aig Pàrlamaid na h-Alba mu ùrachadh Cairt a' BhBC. Tha an aithisg ag iarraidh barrachd smachd ann an Alba fhèin air na tha am BBC a' dèanamh, ach chan eil molaidhean idir mu phrògraman no sianailean sam bith.

Loganair

Coinnichidh riochdairean bho Chomhairle nan Eilean Siar ri Loganair an-diugh a bhruidhinn air seirbheisean adhair nan eilean. Tha luchd-siubhail agus luchd-poileataigs am measg na tha a' càineadh Loganair airson cho tric 's a tha trioblaidean teicnigeach a' cur maill air seirbheisean.