Coinneamh mu eaconamaidh Loch Abar

An Gearasdan Image copyright Richard Webb/Geograph

Coinnichidh Ministear a' Ghnothachais, Fearghas Ewing, ri comhairlichean ionadail agus buidhnean gnìomhachais anns a' Ghearastan oidhche Mhàirt, a bhruidhinn air staid na h-eaconamaidh ann an Loch Abair.

Tha seo a' tighinn an dèidh don chompanaidh Rio Tinto innse gum faodadh 160 dreuchd a bhith ann an cunnart aig leaghadair aluminium a' bhaile.

Tha dragh ann cuideachd mu chall-cosnaidh aig Marine Harvest anns an sgìre.

Dh'fhoillsich a' chompanaidh gun cailleadh 87 duine an cosnadh aca ro dheireadh na mìos.

Gheall Marine Harvest do chomhairliche ann am Fìobha nach deadh obraichean a chall aig an fhactaraidh aca ann an Ros Saoithe, agus tha sin a' fàgail cheistean mun fhactaraidh aca anns a' Ghearasdan.