Iarrtas cur às do dh'fhiachan taigheadais
- Air fhoillseachadh

Tha an comhairliche Lib Deamach Jamie Stone ag iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cur às dha na fiachan taigheadais a th' air Comhairle na Gàidhealtachd.
Tha an àireamh sin aig £150m aig an ìre seo.
Tha Mgr Stone ag ràdh gu bheil e uabhasach mì-chothromach gu bheil an riadh a th' air na fiachan a' cur ri easbhaidh £40m a tha fa chomhair an ùghdarrais ionadail anns a' bhliadhna-ionmhais a th' air thoiseach.
Tha e ag iarraidh air luchd-poileataigs na sgìre air fad tighinn còmhla airson iomairt a chur air dòigh airson na fiachan a sguabadh às buileach glan.
Thuirt e gun robh e na bhriseadh dùil mòr dha nach deach aig Danny Alexander air cur às dha na fiachan fhad 's a bha e na Àrd-Rùnaire air Roinn an Ionmhais.