CNES "airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig"

Gàidhlig

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad airson 's gum faigh a' chuid as motha de chloinn san sgìre foghlam tro mheadhan na Gàidhlig - ach tha iad ag ràdh gu bheil na h-uimhir de dh'obair mun coinneimh airson sin a choileanadh.

Tha iad a' cur a-steach airson granta Gàidhlig luach £1.3m 'son foghlam sa chànan a bhrosnachadh.

Ach 's e pàrantan ann an cuid de sgìrean a bhrosnachadh an dùbhlan as motha a tha romhpa.

"Tha rannsachadh a rinn sinn a' sealltainn gu bheil pàrantan air an inntinn a dhèanamh suas mus bi a' chlann trì bliadhna de dh'aois, co-dhiù tha iad a' dol gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, no clas Beurla," thuirt Ceannard an Fhoghlaim, Uilleam Dòmhnallach.

Iarrtasan Phàrantan

"'S mar sin tha sinn a' dol a chosg cus a bharrachd ùine ag obair leis na pàrantan aig a bheil clann nas òige, gus am bi sinn gam brosnachadh agus a' mìneachadh dhaibh cho èifeachdach 's a tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus gun toireadh e orrasan smaoineachadh, agus sealltainn dhaibh gur e foghlam tro mheadhan na Gàidhlig an dòigh as fheàrr airson an cuid chloinne.

"Ann am bliadhna no dhà, bidh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ri fhaighinn sa h-uile sgoil sna h-eileanan, agus cuidichidh sin sinn," thuirt e.

Chaidh Mgr Dòmhnallach às àicheadh gur e a bh' ann an seo ach dòigh air airgead na Gàidhlig a thoirt a-steach gus taic a chumail ri foghlam san fharsainneachd sna h-Eileanan Siar.

"Chan e. Agus aonan de na rudan a tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' sealltainn dhuinn, gu bheil clann a' dèanamh nas fheàrr na clann aig a bheil aon chànan a-mhàin," thuirt e.

"Tha sinne a' toirt deuchainnean beaga dhan chloinn sna sgoiltean aig diofar amannan, agus aig ìre P5, far a bheil clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, 's dìreach air a bhith a' dèanamh Beurla airson dà bhliadhna, san fharsainneachd tha iad a' dèanamh nas fheàrr na clann a th' air a bhith a' dèanamh còig bliadhna tro mheadhan na Beurla.

"'S e adhbhar foghlaim a tha seo, agus adhbhar airson ar cuid chloinne a bhith a' dèanamh cho math 's as urrainn dhaibh," thuirt e.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air càineadh fhaighinn rona seo nach eil sgoil Ghàidhlig fa-leth sam bith sna h-Eileanan Siar.

Ach tha Mgr Dòmhnallach ag ràdh gur ann air iarrtasan phàrantan a tha poileasaidh stèidhichte.

"Tha iarrtas air a bhith ann bho chuid de phàrantan gun teagamh - ach tha sinne a' faighinn diofair bheachdan bho phàrantan," thuirt e.

"A-rithis tha sinn a' dèanamh rannsachaidh gach bliadhna a' faighneachd do phàrantan a bheil iad ag iarraidh sgoil Ghàidhlig, no dè as motha a tha iad ag iarraidh.

"'S e am fiosrachadh as làidire a tha a' tighinn troimhe dhuinne, gu bheil pàrantan ag iarraidh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, ach gu bheil iad ag iarraidh an cuid chloinne ann an sgoil sa choimhearsnachd aca fhèin.

"Tha mi a' smaointinn gum feum sinn na coimhearsnachdan beaga againn a chumail beò, agus tha eagal air cuid de phàrantan gu bheil a h-uile dad air a tharraing tron mheadhan, ge b' e dè an t-eilean anns a bheil iad.

"'S mar sin tha sinn air coimhead air gum bi foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an 24 de na sgoiltean againn, 's gum bi clann a' faighinn foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig anns a' choimhearsnachd aca fhèin, agus tha sinn a' smaoineachadh gur e sin an dòigh air a' chuid as motha den chloinn a thàladh.

Steòrnabhagh

"Aig an ìre seo tha deich sgoiltean Gàidhlig againn - ged a tha aonadan Beurla annta.

"Tha sinne a' brosnachadh na cloinne a dhol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig, ach tha sinn airson earrann de roghainn fhàgail aig pàrantan cuideachd.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil sinn a' faighinn a' mhòr-chuid air ar taobh san dòigh sin," thuirt e.

Tha cuid de sgìrean sna h-Eileanan far a bheil pàrantan nas deònaiche a dhol le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus tha Mgr Dòmhnallach ag ràdh gu bheil a' Chomhairle ag obair le pàrantan ann an sgìrean far nach eil mòr-chuid fhathast air a shon.

"Gu h-àraid tha mi a' smaoineachadh gur e timcheall Steòrnabhaigh fhèin, agus na sgoiltean sna ceàrnaidhean timcheall air Steòrnabhagh far am feum sinn obrachadh fhathast airson àireamh na cloinne a thogail," thuirt e.

"Mar eisimpleir tha mu 30% a-niste a' dol gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Steòrnabhagh, ach 's e 20% a bh' ann o chionn trì bliadhna.

"Chan eil e ag èirigh cho luath 's a mhiannaicheamaid, ach tha e a' dol suas beag air bheag.

"Mar a thuirt mi na bu thràithe, tha sinn ag amas air bruidhinn ri pàrantan aig aois nas tràithe 's nas tràithe gus am faic iad na buanachdan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus tha sinn gu mòr ag ràdh riutha gu bheil dà chànan a' toirt dà shealladh air an t-saoghal dhan cuid cloinne," thuirt e.