Tubaistean deich carbadan air an A9
- Air fhoillseachadh

Tha deich carbadan air a bhith an sàs ann an tubaist air an A9 madainn Dimàirt, faisg air far an do thachair tubaist le ochd carbadan madainn Diluain.
Thachair a' chiad thubaist mu 08:30m, faisg air Alan, eadar cearcall-rathaid an Todhair agus Drochaid Cheasaig.
Bhuail ceithir carbadan na chèile san dàrna tubaist, beagan deas air làrach na ciad tubaiste, aig Ceasaig a Tuath.
Thuirt na Poilis nach deach duine sam bith a dhroch ghoirteachadh.
Chaidh an rathad a dhùnadh a' dol gu deas.
Thuirt Còmhdhail Alba gur dòcha gur e a' ghrian a bhith a' dalladh dhràibhearan a dh'adhbharaich an tubaist.
Bha an aon sheòrsa aimsire ann madainn Diluain.
Diluain, chaidh ochd carbadan a ghlacadh ann dà thubaist a thachair mionaidean o chèile air an dearbh phàirt den A9.
Chaidh boireannach a thoirt dhan ospadal nuair a chaidh sia carbadan an lùib a chèile goirid ro 09:00m, faisg air ceann-rathaid Bhun Lòchaidh.
Bhuail dà charbad na chèile an uair sin faisg air làrach na ciad tubaiste. Chaidh fear de na carbadan sin na theine, ach cha deach duine a ghoirteachadh.
Bha an rathad dùinte a dol gu deas grunn uairean de thìde.