Teachdaireachd am botal sna Hearadh

Botal air tràigh Image copyright (C) British Broadcasting Corporation

Tha teachdaireachd ann am botal, air tighinn gu tìr anns na Hearadh, dà bhliadhna bho chaidh a chur dhan uisge anns na Bahamas.

Chaidh am botal a lorg le Rosie Rayment, oileanach a bha a' faighinn leasain surfaidh air tràigh Sheilaboist.

Chaidh am botal a chur dhan uisge le càraid a bhuineas do Florida anns na Stàitean Aonaichte.

Thuirt iad gun do chuir e iongnadh air leth orra nuair a dh'fhòn Rosie thuca a dh'innse dhaibh cho fada 's a shiubhail an teachdaireachd.