Cus rùisg air Beinn Nibheis
- Air fhoillseachadh

Tha gearainnean ann mun àireamh rùsg oraindsearan a tha luchd-coiseachd a' tilgeadh bhuapa air Beinn Nibheis.
Tha Seirbheis Fiosrachaidh nam Maoimtean-Slèibhe air dealbhan a chur air-loidhne a' sealltainn na chaidh de rùsgan fhàgail air mullach na beinne.
O chionn beagan bhliadhnaichean b' e rùsgan banàna a bu mhotha bha nan trioblaid, agus chaidh còrr air 1,000 dhiubh a thogail far na beinne ann an aon là.
Tha a' bhuidheann Sreap Alba a' cur ìmpidh air daoine gun a bhith a' fàgail càil às an dèidh sa mhonadh.