Dìon ga iarraidh do dhreuchdan Loch Abar

Dh'iarr Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Màiread Davidson, air Riaghaltas na h-Alba a h-uile oidhirp a dhèanamh dìon a chur air dreuchdan aig leaghadair aluminium a' Ghearasdain.

Dh'innis a' chimpanaidh Rio Tinto, dham buin an leaghadair, air a' mhìos a chaidh, gun robhas a' toirt sùil a-rithist air mar a tha a' chompanaidh ga ruith, a' fàgail còrr is 150 dreuchd ann an cunnart.

Choinnich an Comh. Davidson agus Ministear a' Ghnothachais, Fearghas Ewing, ri grunn dhaoine anns an sgìre Dimàirt a bhruidhinn air a' chùis.