Gearradh-Arm don Chlò Mhòr

  • Air fhoillseachadh
Òrb a' Chlò MhòirTùs an deilbh, Thinkstock
Fo-thiotal an deilbh,
Thèid an t-Òrb a chur an lùib sgèith gus an Gearradh-Arm a chruthachadh.

Chaidh suaicheantas Òrb a' Chlò Mhòir aithneachadh gu h-oifigeil mar "Ghearradh-Arm" (coat of arms).

Tha an t-Òrb air Clò Mòr a chomharrachadh fad iomadh bliadhna, a' dearbhadh gun deach a fhighe le làimh à clòimh chaorach anns na h-Eileanan Siar.

Tha a-niste am Morair Lìomhainn, Rìgh nan Suaicheantas, air inbhe mar Ghearradh-Arm oifigeil a' ghnìomhcahais a thoirt don Òrb.

Thuirt Ùghdarras a' Chlò Mhòir gun toireadh an t-inbhe ùr ìre eile de dhìon bho chlò fhoilleil.

Thèid an t-Òrb a chur an lùib sgèith gus an Gearradh-Arm a chruthachadh.

Thuirt Cathraiche an Ùghdarrais, Tormod Dòmhnallach: "'S e clach-mhìle eachdraidheil a th' ann dhan Chlò Mhòr gu bheil Gearradh-Arm ga bhuileachadh oirnn, agus sinn air a bhith a' strì fad bhliadhnaichean gus dìon a chur air a' chlò.

"'S e an dìon as àirde a th' ann dhan chlò againn, a tha iomraiteach air feadh an t-saoghail air sgàth àrd-chailleachd chunbhalaich agus dùthchais.

"'S e urram a th' ann an Gearradh-Arm fhaighinn bhon Mhorair Lìomhainn Rìgh nan Suaicheantas fhèin, agus tha sinn taingeil gun tèid againn air tèarainteachd agus dualchas a' chlò a ghlèidheadh do na ginealaichean ri teachd."