Dragh mu sgeama taigheadais am Muile
- Air fhoillseachadh

Tha dragh ann gun tèid pròiseact taigheadais ann am Muile ma sgaoil mura faigh urras an eilein £45,000 ro dheireadh a' Ghiblein.
Fhuair iad taic mar thà bho dhiofar bhuidhnean ach gun tuilleadh airgid dh'fhaodadh am plana tuiteam às a chèile.
Tha Caolas Ulbha, air taobh siar Mhuile, còrr is 20 mìle air rathad singilte bho Thobar Mhoire, no an t-Sàilean.
Chan eil mòran thaighean san sgìre. Chan eil bùth ann, no goireasan eile faisg air làimh.
Cridhe na Coimhearsnachd
Tha bun-sgoil ann fhathast ge-tà, le ochdnar chloinne innte an-dràsta.
Le sùil ris an sgoil sin a dhèanamh nas seasmhaiche, cheannaich Urras Eilein Mhuile is Eilein Ìdhe pìos fearainn sa bhaile an-uiridh, le plana airson dà thaigh air prìs reusanta a thogail air, gus teaghlaichean òga a thàladh dhan sgìre.
"'S e sgìre gu math iomallach a th' ann an Caolas Ulbha, agus mar iomadach coimhearsnachd eile chan eil mòran taighean air màl," thuirt Cailean Moireasdan, aig a bheil gnìomhachas sa bhaile.
"Nuair a tha taighean a' tighinn ri reic tha iad uabhasach daor, oir 's e àite gu math bòidheach a th' ann an seo, agus tha margaid ann airson daoine a th' air cluaineas, no dachaighean samhraidh," thuirt e.
Tha an t-Urras ag amas air coimhearsnachd a ghlèidheadh air taobh siar an eilein, far a bheil bòidhchead na sgìre ga fhàgail doirbh do dhaoine òga ionadail beatha a dhèanamh dhaibh fhèin, ri linn nam prìsean air am falbh taighean.
"Tha barrachd an lùib seo na dìreach dà thaigh a thogail an seo," thuirt manaidsear pròiseact nan taighean, Eilidh NicDhòmhnaill, bhon Urras.
"'S ann a tha e mu dheidhinn an sgoil ionadail seo a chumail fosgailte, agus a' choimhearsnachd seo a dhèanamh seasmhach.
"Feumaidh sinn deagh mheasgachadh de dhaoine an seo. Feumaidh sinn daoine òga a thuilleadh air daoine aosta sa choimhearsnachd seo.
"Tha e gu math cugallach. O chionn còig bliadha no mar sin, bha cunnart ann gun dùineadh an sgoil, oir cha robh air fhàgail innte ach ceathrar sgoilearan.
"'S e an sgoil crìdhe na coimhearsnachd. 'S ann innte a bhios a h-uile tachartas sòisealta. Chan eil bùth ann, no taigh-seinnse, no talla ann.
"Tha an sgoil riatanach dhan a h-uile rud a tha a' dol an seo," thuirt i.
Airgead
Bidh na taighean air an cumadh gus buaidh cho beag 's a ghabhas a thoirt air an àrainneachd, agus a bhith nas saoire a chumail blàth na taighean àbhaisteach - dìreach £300 gach bliadhna.
Le bhith gan togail gu "spec" àrd ge-tà, tha cosgais mhòr nan lùib - faisg air £450,000. 'S e cosgais a bhith a' giùlain stuthan togail chun na sgìre fear de na h-adhbharan airson sin.
Fhuair am pròiseact taic-airgid bho bhuidhnean leithid Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Trust House Charitable Foundation, agus Urras Taigheadais nan Cuaigearan.
Chaidh sgeama "ceannaich briog" cuideachd a chur air bhonn, gus airgead a thional bhon phoball.
Tha cead-dealbhachaidh ann, agus dh'fhaodadh an obair tòiseachadh.
Ach tha £45,000 a dhìth orra fhathast.
Mura tòisich am pròiseact deireadh a' Ghiblein, caillidh iad mu £180,000 den taic-airgid.
"Tha cunnart ann gum failich air a' phròiseact gu tur," thuirt Eilidh NicDhòmhnaill.
"'S e buile mhòr a bhiodh an sin don choimhearsnachd, leis an obair chruaidh a chuir mòran dhaoine a-steach gus an ìre seo fhèin a ruighinn.
"'S e coimhearsnachd cho beag a th' ann, agus tha a bhith a' ruighinn na h-ìre seo mìorbhailleach.
"Feumaidh sinn dha-rìribh lorg fhaighinn cho luath 's a ghabhas air an 10% mu dheireadh den mhaoineachadh," thuirt i.
Thuirt an t-Urras gu bheil deichnear air ùidh a nochdadh sna taighean, agus ma thèid am pròiseact fodha, nach bi cothrom eile ann airson taighean a thogail, o chionn 's nach eil an còrr fearainn ri fhaodainn.
Tha iad a-niste ag iarraidh air muinnrit an eilein, gus Muilich air feadh an t-saoghail an cuideachadh le tiodhlacan airgid, gus a' choimhearsnachd a chumail beò.