Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An Gearran 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Droch-Dhìol Chloinne

Tha feadhainn a dh'fhulaing droch-dhìol fhad 's a bha iad ann an cùram nan òige a' fàgail air Riaghaltas na h-Alba gu bheil an Riaghaltas cuideachd glacte ann a bhith a' falach eucorra. Tha iad ag iarraidh rannsachadh air a' chùis a leudachadh seach mar a tha e an-dràsta, agus tha iad a' fàgail air Rùnaire an Fhoghlaim, Angela Constance, nach eil i a' toirt feart oirre. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil còmhraidhean ris an fheadhainn a dh'fhulaing a' dol air adhart aig ìre cho adhartach 's a bh' ann fhathast.

Turasachd na h-Alba

Thèid còrr is £4m a chosg a' reic turasachd na h-Alba air feadh an t-saoghail. Bidh an sgeama - Spirit of Scotland - ag amas gu h-àraid air margaidean anns an Rìoghachd Aonaichte 's an Roinn Eòrpa, agus ann an Aimeireaga a Tuath. Thuirt VisitScotland gu bheil iad ag atharrachadh am margaidheachd agus iad ag amas air fàs ann an luach turasachd na h-Alba a thogail gu £1bn ro 2020.

New Hampshire

Chuir Stàit New Hampshire taic ri Dòmhnall Trump aig na Poblachdaich, agus Bernie Sanders aig na Deamocrataich mar thagraichean airson taghadh a' Chinn-Suidhe sna Stàitean Aonaichte. Bha Mgr Sanders còrr is 20 puing air thoiseach air Hillary Clinton, as fhaisge air ann am farpais nan Deamocratach.

A' Ghearmailt

Thuirt poilis anns a' Ghearmailt gu bheil sgeulachd a-niste air a h-uile duine den luchd-siubhail a bha glacte san tubaist eadar dà thrèana ann am Bavaria an-dè. Bha dithis dhràibhearan nan trèanaichean am measg an deichneir a chaill am beatha, agus chaidh mu 80 duine eile a ghoirteachadh.

An Fhraing

Bidh Pàrlamaid na Frainge a' bhòtadh an-diugh air atharrachadh ann am bun-reachd na dùthcha an dèidh na ceannairc a bh' ann am Paris anns an t-Samhain. Tha iad a' moladh, am measg rudan eile, dùthchas Fraingeach a thoirt bho dhuine sam bith air an tèid diteadh airson ceannairc.

Ratharsair

Tha buidheann ann an Ratharsair ag iarraidh coinneimh le NHS na Gàidhealtachd, agus dragh orra nach deach nurs fhastadh dhan eilean an dèidh dha faileachadh air an NHS an dreuchd sin a lìonadh air a' mhìos a chaidh. Thuirt Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gum feum iad sùil a thoirt air fuasglaidhean eile an toiseach mus dèan iad an còrr, ged a tha sin a' fàgail an eilein gu math tric gun nurs taobh a-muigh nan uirean-obrach àbhaisteach.

Sgoil an t-Òib

Chuir a' mhòr-chuid aig coinneimh anns na t-Òb anns na Hearadh an-raoir taic ri plana airson fear de thogalaichean na sgoile a leasachadh mar ionad-coimhearsnachd. Tha Sgoil an t-Òib an-dràsta stèidhichte air dà thogalach ri taobh a chèile. Tha Comhairle nan Eilean Siar am beachd aon de na togalaichean sin a leasachadh airson an sgoil gu lèir a chur ann, agus an togalach eile a leagail. Ach tha buidheann-stiùiridh san sgìre den bheachd gur e call a bhiodh an sin, agus gur fhiach an dàrna togalach a ghlèidheadh dhan choimhearsnachd.