Cead do Thaigh-Staile Ratharsair

Ro-dhealbh de Thaigh-Staile Ratharsair Image copyright R&B Distillers
Image caption Ro-dhealbh de Thaigh-Staile Ratharsair

Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead do phlana gus taigh-staile a thogail ann an Ratharsair.

'S e a' chiad taigh-staile oifigeil a bha riamh san eilean.

Mhol a' chompanaidh stailidh R&B Distillers Taigh Bhorghadail - seann taigh-òsta Bhictorianach - ath-leasachadh gu bhith na thaigh-staile agus na ionad-turasachd.

Tha dùil gun tòisich an obair-togail sa Ghiblean am-bliadhna, leis a' chiad uisge-beatha a' tighinn às an ath-bhliadhna.

Bidh an taigh-staile air fear de na h-àiteachan as motha a tha a' toirt cosnaidh do dhaoine ann an Ratharsair, far a bheil mu 170 duine a' fuireach.