Aodion Gas air a' Bhlàr Dhubh

Am Blàr Dubh Image copyright Google

Chuir aodion gas faisg air drochaid tarsainn loidhne-rèile air a' Bhlàr Dhubh maill air trèanaichean, Diciadain, 's e cuideachd a' dùnadh rathaidean tron bhaile.

Chaidh clann na bun-sgoile cuideachd a chumail san sgoil às dèidh an leasannan ri linn an aodion, a chualas mar shèideadh farmach on phìb.

Chaidh a' phìob a bhriseadh mu 2:00f, agus i air a càradh mu 4:30f.

Chaidh an drochaid agus na rathaidean ath-fhosgladh.

Tha ScotRail ag ràdh gur dòcha gum bi na h-uimhir de mhaill air seirbheisean trèana eadar Inbhir Nis, Inbhir Ùige, Caol Loch Aillse, Inbhir Pheofharain agus Àird Ghaoithe.