Rathad
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh mu rathaidean nan Eilean Siar

11 An Gearran 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dragh air comhairlichean anns na h-Eileanan an Iar mu phlana airson faisg air £250,000 a ghearradh far a' bhuidseid airson càradh nan rathaidean.

Thuirt comhairlichean gu bheil cuid de rathaidean mar thà ann an droch staid.

Tha eagal ann cuideachd gum fàgadh seo an obair a thèid a dhèanamh nas daoire, gun tèid cosnaidhean a chall agus gun toir e buaidh air turasachd.