Bann-leathann coimhearsnachd ga fhoillseachadh

Càballan LAN

Thèid iomairt choimhearsnachd airson bann-leathann fìor luath a thabhainn ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich fhoillseachadh Diardaoin.

A rèir na sgioba th' air a chùlaibh, 's e am pròiseact bun-structair as cudromaiche dhan eilean bho chaidh an drochaid a thogail.

Air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean, tha BT air a bhith a' cur a' bhainn-leathainn fhior-luath an gnìomh, ach tha gearain ann mu far nach bi e comasach fhaighinn.

San Eilean Sgitheanach, tha sin air grunn bhuidhnean coimhearsnachd a bhrosnachadh a thighinn còmhla 'son "Bann-Leathann Chinn a Tuath an Eilein Sgitheanaich" a thòiseachadh.

Eadar Gleann Dail mun iar, agus Stafainn mun ear, thathas ag amas air seirbheis co-dhiù 30 megabit gach diog a thabhainn air a h-uile taigh nach fhaigh e bho BhT.

Le bhith ag obair mar bhuidhinn tha iad airson cosgaisean ìsleachadh, agus tha iad air maoineachadh fhaighinn bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Bidh iad an dòchas cùmhnantan a sgaoileadh as t-Samhradh gu companaidhean eadar-lìn, is gum biodh am bann-leathann air a chur an gnìomh as t-Earrach an ath-bhliadhna.