Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An Gearran 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cumhachdan Ionmhais

Chaidh taic a chur ri Riaghaltas na h-Alba airson cumhachdan a bharrachd fhaighinn bho Roinn an Ionmhais ann an Westminster, le sianar a-mach à deichnear a bha an sàs ann an Coimisean Mhic a' Ghobhainn. Thuirt iad gu bheil ministearan an Riaghaltais Albannaich ceart ann a bhith ag iarraidh dìon a chur air airgead a chailleadh ri linn mar a tha sluagh na h-Alba a' fàs gu ìre nas slaodaiche. Chuir na Riaghaltasan a-màireach romhpa mar cheann-là airson aonta a ruighinn mun chùis, ach tha e coltach nach tèid sin a choileanadh.

Earra-Ghàidheal is Bòd

Feumaidh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gearraidhean luach £9m san ath-bhliadhna-ionmhais agus anns an ath-bhliadhna a-rithist aontachadh an-diugh aig coinneimh na Làn-Chomhairle. Tha buidheann bheag de chomhairlichean air buidsead eile a mholadh, ach chan eil e coltach gun tèid gabhail ri sin. Tha mì-thoileachas nach gann anns an sgìre mu na gearraidhean.

Bàtaichean-slaodaidh

'S ann dubhach a tha cùisean a' coimhead do bhàtaichean-slaodaidh cheann a tuath na h-Alba, 's Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air innse nach eil iad an dùil an t-seirbheis a leudachadh nuair a thig an cùmhnant gu ceann air an ath-mhìos. Tha am bàta, a tha stèidhichte ann an Arcaibh, ag obair anns na h-Eileanan mu Thuath, agus na h-Eileanan Siar. Tha strì air a bhith ann an t-seirbheis a chumail, agus dàrna bàta-slaodaidh a stèidheachadh ann an uisgeachan a' chosta an iar.

Cornton Vale

Tha dùil gun innis Ministear a' Cheartais an-diugh fhathast gun tèid tòiseachadh air an aon phrìosan do bhoireannaich ann an Alba a dhùnadh as t-Samhradh. Tha e coltach cuideachd gun tig naidheachd bho Mhìcheal MacMhathain gun tòisich obair-togail air prìosan ùr nàiseanta do bhoireannaich ann am meadhan 2018.

An Fhraing

Chaidh sianar chloinne a mharbhadh ann an tubaist le bus-sgoile ann an taobh siar na Frainge. Thachair an tubaist ann am meadhan bhaile Rochefort, ann an Charente-Maritime. Bhuail am bus agus làraidh na chèile.

Prìsean Gas

Thuirt na companaidhean cumhachd EDF Energy agus British Gas gu bheil iad a' dol a ghearradh prìs a' ghas air an ath-mhìos. 'S iad an fheadhainn mu dheireadh de na prìomh sia companaidhean cumhachd a tha a' dol a dhèanamh a leithid. Bidh lùghdachadh mu 5% air prìsean gas EDF. Bidh luchd-cleachdaidh British Gas a' pàigheadh 5.1% nas lugha.