Tubaistean a' dùnadh an A9 's an A96
- Air fhoillseachadh
Tha tubaistean-rathaid air dhà de phrìomh rathaidean na Gàidhealtachd a dhùnadh.
Bha làraidh agus càr an sàs ann an tubaist air an A9 deas air Georgemas, faisg air Hàcraig ann an Gallaibh, a' dùnadh an rathaid.
Thachair an tubaist mu 2:00f.
Mu leth-uair de thìde an dèidh sin thachair tubaist eile air an A96, ga dhùnadh an iar air Inbhir Narann.
Chan eil fhios aig an ìre seo co-dhiù chaidh duine sam bith a ghoirteachadh.