Eadar a' Chreag is an Tè Ruadh

  • Air fhoillseachadh

Thuige seo, chaidh aig riaghaltas an SNP air coire a sheachnadh airson ghearraidhean do sheirbhisean poblach.

Chanadh iad fhèin gu bheil sin air sgàth 's nach iad as coireach.

Ach tha na pàrtaidhean dùbhlanach aig Holyrood air cur as leth nan nàiseantach gur e cleas a tha seo - a' cur coire air Westminster - no air na Comhairlean ionadail - airson rud sam bith nach còrd riutha agus a' lorg moladh an t-sluaigh airson gach rud a chòrdas.

Mas fhìor na cunntasan-bheachd, tha an cleas fhathast ag obair.

Ach a bheil sin an impis atharrachadh?

An-dràsta, tha an riaghaltas a' sabaid air an dà thaobh gus dèan cinnteach gun tachair sin - mus tèid daoine do na h-ionadan bhòtaidh anns a' Chèitean co-dhiù.

Tairgse

Air an taobh, tha na Comhairlean agus an luchd-taic aca aig Holyrood.

Rinn Comhairlean air feadh na h-Alba dubh chàineadh air tairgse buidseit an riaghaltais an t-seachdain seo, ag ràdh gun deach toirt orra taghadh a dhèanamh eadar gearraidhean dona agus gearraidhean nas miosa buileach.

Aig a' cheann-thall, chuir iad romhpa nach robh roghainn eile aca - ach chan e sin deireadh na sgeòil.

An-diugh thugadh gearran nan Comhairlean don t-Seòmar le Kezia Dugdale agus Willie Rennie, agus iad a' toirt rabhadh seachad mu bhuaidh a' ghearraidh anns a' bhuidseat aca air seirbhisean poblach.

Thog ceannard nan Làbarach leabhar mòr tomadach de 186 duilleag nuair a cheasnaich i Nicola Sturgeon aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir na bu tràithe.

Thuirt i gur e a bha ann aig leabhar nan gearraidhean a bha air fàire ann an sgìre Pheairt agus Chinn Rois.

Comhairle

An-diugh fhathast bidh cothrom eile aig a' Phàrlamaid gabhail ri comhairle na tè ruaidh - agus an fhir bhuidhe - agus a' chìs cosnaidh a chur suas le sgillinn anns an not gus gearraidhean a

sheachnadh.

Is e seo a' chiad uair a stèidhich Pàrlamaid na h-Alba ìre na Cìse Cosnaidh agus an cothrom bannan uile na cìse a chur suas no sìos a' tighinn a-steach airson na bliadhna romhainn.

Ach thuirt Ms Sturgeon gun robh na Làbaraich agus na Lib Deamaich ri cealgaireachd is gun toireadh am poileasaidh aca droch bhuaidh air an luchd-obrach as bochda.

Le mòr-chuid aig an SNP san t-Seòmar chan eil teagamh ach gum bhòt a' Phàrlamaid leis an riaghaltas airson ìre na cìse a chumail far a bheil i.

Ach is e casaid Ms Dugdale agus Mhgr Rennie gu bheil cothrom aig an SNP cumhachdan na Pàrlamaid a chleachdadh gus gearraidhean a sheachnadh agus gu bheil iad a' diùltadh sin a dhèanamh.

Nach b' i Nicola Sturgeon a thuirt gum bu chiall do chumhachdan nas motha ach gearraidhean nas lugha?

Aonta

Ach fhad 's a tha an t-sabaid seo a' tachairt aig Holyrood fhèin agus eadar Holyrood agus Rathad Shanndabhaig, Ceàrnag Sheòrais agus 30 àite eile air feadh an dùthcha, tha sabaid nas motha a' dol eadar Dùn Èideann agus Lunnainn.

Tha an dà riaghaltas fhathast gun aonta air a' ghearradh do bhuidseat na h-Alba nuair a gheibh i smachd air a' chìs cosnaidh.

An t-seachdain-sa, chaidh an t-eas-aonta sin na throd nuair a chuir am prìomh mhinistear as leth Dhàibhidh Chamshron gun robh Riaghaltas Wesminster a' feuchainn ri brath a ghabhail air Alba.

Fhreagair am Prìomh Mhinistear gum b'fheudar do Riaghaltas na h-Alba gèilleadh gus aonta cothromach a ruighinn.

Is coltach gur e an aon rud air a bheil aonta an-dràsta gu bheil gearraidhean air fàire.

Feumaidh an luchd-bhòtaidh cur romhpa cò as coireach.