Fearann
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Feum air còirichean fearainn

12 An Gearran 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bu chòir barrachd chòirichean a bhith aig an Riaghaltas agus ùghdarasan ionadail fearann a cheannach 'son bailtean ùra a chruthachadh air a' Gàidhealtachd 'sna h-Eileanan.

Sin fear de na molaidhean a chuireas a' bhuidheann Fearann Coimhearsnachd na h-Alba gu na prìomh phàrtaidhean poiliteagach ro thaghadh a' Phàrlamaid Albannaich 'sa Chèitean.

Tha iad cuideachd airson 's gun tèid cìsean a chleachdadh 'son bacadh a chur air àireamh bheag de dh'uachdaran aig a bheil smachd air moran de dh' Alba.