Buidseat Earra-Ghàidheal air aontachadh

  • Air fhoillseachadh
Airgead

Dh'aontaich Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ri buidseat na h-ath-bhliadhna oidhche Ardaoin.

Caillidh 80 duine an cuid obrach - 100 nas lugha na bhathas a' sùileachadh.

Chuir Ceannard na Comhairle, Dick Walsh, gluasad air adhart le £2.2m na bu lugha de ghearraidhean na bhathas an dùil an toiseach.

Cha tèid luchd-taic nan seòmraichean-teagaisg a ghearradh 20% mar a bhathas a' sùileachadh, is chan eil 43 taighean-beaga poblach a' dol a dhùnadh.

Èisteachd

Bidh bhana an leabharlainn fhathast a' dol timcheall nan eilean is thathas cuideachd a' glèidheadh buidseat nan amaran-snàimh.

Thèid ge-tà, cìsean tiodhlacaidh àrdachadh 20%, agus cha tèid am feur ri taobh rathaidean na sgìre a ghearradh cho tric.

Cha tèid na bionaichean sgudail fhalmhachadh ach aon turas a h-uile trì seachdainnean.

Dh'aontaich iad cuideachd ionadan-spòrs agus cur-seachad a chur fo urras charthannais.

Bithidh solais Nollaige ann san trì bliadhna a tha romhainn, seach a bhith gan sguir mar a bhathas a' moladh.

Thèid cuideachd stòras a stèidheachadh gus cuideachadh le àireamh sluaigh na sgìre èirigh.

"Chan e là fiadhaich soirbh a bh' ann," thuirt an Comh. Robin MacMhuirich.

"B' fheudar dhuinn £10m a shàbhaladh, agus cha robh sin soirbh.

"Bha sinn ag èisteachd ri dè bha muinntir Earra-Ghàidheal is Bhòid ag ràdh rinn.

"Bha iad ag ràdh nach bu chòir dhuinn a bhith a' dol gus na sgoiltean agus a' gearradh uairean an sin no luchd-obrach.

"Agus tha gnothaichean leithid taighean-beaga poblach agus amaran-snàimh cudromach sa choimhearsnachd, agus feumaidh sinn a bhith ag èisteachd ri dè tha daoine ag ràdh rinn.

"Ma mheanndas sinn a dhèanamh idir, cha dhèan sinn e," thuirt e.

Cha deach gabhail ri molaidhean a chuir buidheann de thrì chomhairlichean agus an SNP air adhart, a bh' air buidseatan diofraichte a stèidheachadh.

Bha iadsan airson gun deadh tuilleadh chumhachdan a thoirt dha na ceithir comataidhean sgìreil, agus nas lugha àrd-dhreuchdan a bhith sa Chomhairle, am measg eile, le sàbhalaidhean gan dèanamh air cosgaisean siubhail.

Cho-dhùin a' Chomhairle gun a' chìs chomhairle a chur suas, air an dearbh adhbhar 's a thug comhairlean eile seachad - gun tigeadh call orra ri linn a' pheanais a chuireadh an Riaghaltas orra nan dèanadh iad sin.