Pàrantan Ghlaschu mì-thoilichte

Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu Image copyright Picasa

Tha pàrantan ann an Glaschu air sgrìobhadh gu Ministear na Gàidhlig, Alasdair Allan, is iad mì-thoilichte mu mar a chaidh àitichean sgoile tro mheadhan na Gàidhlig sa bhaile a dhùltadh dha cuid de chloinn.

Cha d' fhuair 18 leanabh àite.

Chruthaich Comhairle Baile Ghlaschu 20 àite ùr 'son na h-ath-bhliadhna sgoile.

Ach tha buidhnean a tha a' riochdachadh phàrantan sa bhaile ag ràdh gum feumar plana 'son an iarrtais a th' ann.

"Thàinig 140 pàrant a dh'iarraidh a-steach air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Glaschu am-bliadhna," thuirt Dùghlas Moireasdan, Cathraiche Chomhairle nam Pàrant aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

"Sin àrdachadh mòr air na h-àireamhan a bh' ann an-uiridh agus na bliadhnaichean rona sin.

"Tha Comhairle Bhaile Ghlaschu air an dìcheall a dhèanamh, agus tha iad air àite fhaighinn airson 120 am-bliadhna. Tha sin a' ciallachadh gu bheil 17 teaghlaichean nach fhaigh a-steach dha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Glaschu am-bliadhna seo.

"'S e suidheachadh gu math duilich a th' ann. 'S e briseadh dùil a th' ann airson phàrantan.

"Am measg nam pàrantan sin tha mi a' smaointinn gu bheil pàrantan a th' air a bhith a' cur na cloinne aca tro mheadhan na Gàidhlig mar thà, tro sgoil-àraich, no cròileagan, agus iad fhèin air a' Ghàidhlig ionnsachadh," thuirt e.

Ann an litir gu math làidir, tha Comhairle nam Pàrant air iarraidh air Comhairle Baile Ghlaschu coinneachadh ris na diofar bhuidhnean a tha an sàs ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns a' bhaile feuch dòigh a lorg air a leasachadh mu choinneimh an iarrtais a th' ann.

Dh'iarr am BBC dearbhadh air na h-àireamhan seo, agus beachd air an t-suidheachadh, bho Chomhairle Baile Ghlaschu an t-seachdain seo chaidh. Thathas fhathast a' feitheamh 'son sin fhaighinn.