Gleann Udalain an aon fhuasgladh

Seach-rathad an t-Sròim
Image caption B' fheudar an rathad a chur air an loidhne-rèile ri thaobh nuair a thàinig maoim-slèibhe a-nuas air an rathad o chionn beagan bhliadhnaichean.

'S e rathad a thogail tro Ghleann Udalain a-nise an aon fhuasgladh ciallach dha na trioblaidean le seach-rathad an t-Sròim air taobh siar Rois.

Sin beachd Rob Gibson BPA, às dèidh do Chomhairle na Gàidhealtachd planaichean fhoillseachadh 'son an rathad atharrachadh ann an oidhirp taic-airgid fhaighinn.

Chaidh seach-rathad an t-Sròim a dhùnadh tric is minig thar nam bliadhnaichean air sgàth mhaoimteam-slèibhe.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' meòrachadh air fuasgladh, is Còmhdail Alba air iarraidh gum bi tagraidhean 'son taic-airgid stèidhchte a-mhàin air faochadh a thoirt dha trioblaidean le maoimtean-slèibhe.

Dh'fhàg sin gu bheil plana ùr aig a' Chomhairle gus seachd-rathad timcheall air Loch Carrann a thoirt a-mach à plana 'son drochaid tarsainn air Caolas an t-Stròim.

A rèir Rob Gibson, tha sin a' ciallachadh nach eil an roghainn idir freagarrach.

Thuirt Mgr Gibson nach eil ach aon bheachd ciallach air fhàgail, sin an rathad a chur tro Ghleann Udalain, is e ag ràdh gun robh còir aig an rathad a bhith an sin bho chionn fhada.

Thuirt e gum bu chòir do dh'Oighreachd Atadail fearann a thoirt seachad, is gum bu chòir dhan Chomhairle cuid den airgead 'son seach-rathaid an iar air Inbhir Nis a chosg aig an t-Sròm.