Tuilleadh taic a dhìth air mion-chànain

Gàidhlig

Bu chòir taic is brosnachadh a bharrachd a dhol gu cànain a tha ann an suidheachadh cugalach leis gu bheil dà-chànanas math dha d' eanchainn. Sin a rèir an Oll. Antonella Sorace, bho Oilthigh Dhùn Èideann, às deidh dhi rannsachadh a dhèanamh air seann daoine bha a' dèanamh chùrsaichean Gàidhlig san Eilean Sgitheanach.

Tha rannsachadh air innse dhuinn mar thà gu bheil buannachdan ann do ar comasan ionnsachaidh agus smaoineachaidh le bhith a' bruidhinn barrachd na aon chànan, ach chan eil taic gu leòr ri fhaotainn 'son mion-chànain, a rèir an Oll. Sorace.

Tha i a' rannsachadh nam buannachdan a tha an cois a bhith ag ionnsachadh mion-chànain mar chànan Sardinia agus a' Ghàidhlig.

Thuirt i gur e nach eil luach gu leòr ga chur ann an cuid de chànain an cnap-starra as motha.

Thuirt i cuideachd ma 's urrainnear dòigh a' lorg gus ìmpidh a chur air daoine gu bheil na cànain seo nam buannachd dhuinn, seach nan trioblaid, agus nach e rud airson an ama a dh'fhalbh a th' ann am beul aithris, gur dòcha gun soirbhich leis na cànain tha seo agus gum faigheadh clann na buannachdan bho a bhith a' bruidhinn barrachd na aon chànan.