Iacht air na creagan mun Sgeir Mhòir
- Air fhoillseachadh
Tha oidhirp a' leantainn feuch taic a thoirt do dh'eathar a th' ann an trioblaid an iar-dheas air Tiriodh.
Goirid às dèidh meadhan-oidhche oidhche Luain fhuair na h-ùghdarrasan gairm-èiginn, agus iacht, 40 troigh de dh'fhaid, air a dhol air na creagan faisg air taigh-solais na Sgeire Mòire.
Ràinig heileacoptair nam Maor-Cladaich an eathar ann an uairean beaga na maidne, is i ann an trioblaid, ach b' fheudar dhi tilleadh a Phreastabhaig 'son connadh.
Dh'fheuch bàta-teasairginn Ìle ri loidhne a cheangal rithe, ach ri linn cho dona 's a bha an t-sìde cha deach aca air.
Thèid heileacoptair eile a chur a dh'ionnsaigh an eathair, feuch a sgiobair a thogail aiste.