Airgead mòr do Chill Donnain

Taigh-Tasgaidh Chill Donain
Image caption Thèid goireasan parcaidh a leasachadh, agus thèid pìos a chur ris an togalach fhèin.

Fhuair Urras Eachdraidh Uibhist a Deas còrr 's £90,000 bho Mhaoin-Dualchais a' Chrannchuir Nàiseanta airson leasachadh a dhèanamh air Taigh-Tasgaidh Chill Donnain.

Le muinntir na sgìre gu saor-thoileach ga stiùireadh, thèid luach £800,000 de leasachadh a dhèanamh air làrach an taighe-tasgaidh, a' tòiseachadh air an ath-mhìos.

Thèid àite parcaidh an taighe-tasgaidh a leasachadh, agus thèid pìos a chur ris an togalach.

"Tha sinn glè thoilichte an suim airgid a tha seo fhaighinn airson an taighe-tasgaidh," thuirt Ceiteag NicDhòmhnaill, a th' air Comataidh an Urrais.

"'S e àite parcaidh a tha a' tòiseachadh an toiseach, agus on a bhios an taigh-tasgaidh a' fosgladh aig a' Chàisg, cha bhi an obair a' tòiseachadh gu nuair a dhùineas sinn san Damhair.

"Tha sinn an dòchas gum bi barrachd rùm ann airson taisbeanaidhean a chur air adhart, agus on a thòisich an taigh-tasgaidh o chionn 20 bliadhna, tha e feumach air sgeadachadh.

"Am broinn an taighe-tasgaidh tha e gus a bhith gu math diofraichte na tha an-diugh," thuirt i.