Dùil ri co-dhùnadh air gearraidhean
- Air fhoillseachadh

'S ann an t-seachdain seo a thig air Comhairle nan Eilean Siar co-dhùnadh ciamar a ghearras iad an £2.2m mu dheireadh às a' bhuidseat airson na bliadhna-iomhais seo tighinnn.
Tha a' Chomhairle air luach £20m de ghearraidhean a chur an sàs air a' chòig bliadhna mu dheireadh, agus dh'fhalbh faisg air 300 cosnadh ri linn.
Tha mu £8.5m de shàbhalaidhean aig a' Chomhairle ri dhèanamh sa bhliadhna-ionmhais a tha romhainn.
Tha £6.3m dheth sin air a chomharrachadh mar thà, a' fàgail an £2.2m a dh'fheumas a bhith air a ghearradh fo aonta na seachdain seo.
Airson an t-airgead a ghearradh, feumaidh a' Chomhairle coimhead ri sàbhalaidhean a chaidh a sheachnadh roimhe ri linn 's gun robhas gam meas na bu dheatamaiche na feadhainn eile.
Tha a' Chomhairle a' tomhas gum falbh 84 cosnaidhean ri linn nan gearraidhean ùra, ach tha na h-aonaidhean a' tomhas gum faodadh còrr air 100 cosnadh falbh.