Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An Gearran 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

An t-Aonadh Eòrpach

Tha Dàibhidh Camshron anns a' Bhruiseil an-dràsta ag iarraidh tuilleadh taic dha phlana airson aonta ùr air àite Bhreatainn anns an Aonadh Eòrpach mus bi àrd-choinneamh nan ceannardan Eòrpach ann Diardaoin. Tha feadhainn de na dùthchannan eile a' cur teagamh ann an cuid de na molaidhean, ach thuirt Sràid Downing gu bheil an Fhraing a-niste ag aontachadh gu bheil bunaidean làidir ann airson aonta.

An Atmhorachd

Dh'èirich an atmhorachd a rèir clàr ceannaich an CPI beagan air a' mhìos a chaidh bho 0.2% gu 0.3%. Sin an ìre as àirde bho chionn còrr is bliadhna.

Siria

Thuirt Ceann-Suidhe Shiria, Bashar al-Assad, gu bheil esan den bheachd nach gabh fois-fòirneirt a chur an sàs a bha ri tòiseachadh an t-seachdain seo. Chaidh aonta a dhèanamh ann am Munich an t-seachdain seo chaidh airson fois eadar na diofar bhuidhnean a tha an sàs ann an cogadh sìobhalta Shiria.

Cumhachd Niuclasach

Bidh ceithir de stèiseanan cumhachd niuclasach Bhreatainn a' fuireach fosgailte nas fhaide na bha dùil. Dh'innis a' chompanaidh EDF gum bi dà stèisean aig Heysham ann an Lancashire, Hartlepool ann an Teeside, agus Torness air taobh siar Labhdainn, a' faighinn leudachaidh eadar còig agus seachd bliadhna. Bheir sin stèisean Torness suas gu 2030.

Aillse

Tha luchd-saidheans den bheachd gun do rinn iad adhartas gu ruige leigheas airson aillse. Tha rannsachadh sna Stàitean Aonaichte ag ràdh gun d' fhuair còrr is 90% de dh'euslaintich a bha a' bàsachadh le aillse na fala cuidhteas an aillse sin gu lèir leis an droga ùr. Ach tha Cancer Research UK ag ràdh gu bheil e ro thràth dearbhadh an e buaidh mhaireannach a bhios an sin.

An Sgeir Mhòr

Dh'fhailich air heileacoptair Mhaor-Cladaich Steòrnabhaigh duine a thogail far iacht a th' ann an trioblaid ann an droch mhuir beagan an iar-dheas air Tiriodh. Dh'fheuch an heileacoptair ris an duine a thogail aon turas mar thà sa mhadainn an-diugh, ach chuir an droch shìde maill orra. Thuirt na Maoir-Chladaich gum fuiric iad ri aiteal mus dèan iad oidhirp eile.

Sreapadairean

Dh'iarr sgioba teasairginn nam beann ann an Loch Abair fiosrachadh mu dhithis air nach eil sgeul aca. Bha an duine agus boireannach, a tha eadar 20 is 30 bliadhna de dh'aois, a' sreap air Beinn Nibheis air an deireadh-sheachdain, agus tha e coltach gun do champaich iad ann an teanta aig bothan air taobh tuath na beinne. Bu chòir fiosrachadh sam bith a thoirt dha na Poilis anns a' Ghearasdan.