Sgiobair ga thogail far iachta

Thog heileacoptair Mhaor-Cladaich Steòrnabhaigh duine far iachta a bh' air na creagan ann an droch fhairge faisg air Tiriodh.

Chuir an duine a-mach brath-èiginn goirid an dèidh meadhan oidhche oidhche Luain, 's an iacht 40 troigh air a dhol far a chùrsa faisg air taigh solais Sgeiridh Mhòir.

Bha bata-teasairgain Ìle an làthair fad grunn uairean de thìde, ach chan fhaigheadh iad air ceangal a dhèanamh ris an iacht air sgàth na fairge.