Iomairt teasairginn ga cur dheth

Tim Newton agus Rachel Slater Image copyright Poilis na h-Alba

Stad sgioba teasairginn nam beann ann an Loch Abar iomairt gus lorg fhaighinn air dithis shreapadairean a tha a dhìth air Beinn Nibheis rè ùine, agus an aimsir "dùbhlannach".

Thuirt an sgioba gun deach dithis de na buill aca a ghlacadh ann am maoim-sneachda madainn Dimàirt fhad 's a bha iad a' sireadh an dithis.

Bha Tim Newton, 27, agus Rachel Slater, 24, à sgìre Bhradford ann an Sasainn, a' sreap na beinne thairis air an deireadh-sheachdain.

Tha dùil gun robh iad a' campachadh ann an teanta uaine aig bothan an CIC, aig bonn taobh tuath na beinne.

Bu chòir do dhuine sam bith aig a bheil fiosrachadh mun chupal fios a chur chun nam Poileas anns a' Ghearasdan.