Cupal a dhìth air Beinn Nibheis
- Air fhoillseachadh

Rinn na Poilis agus luchd-teasairginn nam beann tagradh airson fiosrachaidh mu dhithis shreapadairean a th' air a dhol a dhìth air Beinn Nibheis.
Bha Tim Newton, 27, agus Rachel Slater, 24, à sgìre Bhradford ann an Sasainn, a' sreap na beinne thairis air an deireadh-sheachdain.
Tha dùil gun robh iad a' campachadh ann an teanta uaine aig bothan an CIC, aig bonn taobh tuath na beinne.
Bha sgioba teasairginn nam beann an Loch Abair a-muigh a' coimhead air an son oidhche Luain agus tha iad a-muigh a-rithist Dimàirt.
Bu chòir do dhuine sam bith aig a bheil fiosrachadh mun chupal fios a chur chun nam Poileas anns a' Ghearasdan.