Co-dhùnadh nan Comhairlean
- Air fhoillseachadh

Nì Comhairle nan Eilean Siar co-dhùnadh Diciadain air mar a ghearras iad £2.2m às a' bhuidseat airson na bliadhna-iomhais seo tighinnn.
Feumaidh a' Chomhairle còrr is £8m a shàbhaladh uile gu lèir, is iad mar thà air sàbhalaidhean luach £6m a chomharrachadh.
Thuirt a' Chomhairle gun tèid a' Chìs-Chomhairle a chumail aig an aon ìre oir gun cosgadh e £2.2m ann am peanasan nan deadh i suas.
Aig a' cheart am stèidhichidh Comhairle Mhoireibh, a bha a' moladh a' Chìs-Chomhairle a chur suas 18%, am buidseat acasan Diciadain.
Thuirt iad gum fàgadh an t-àrdachadh sin nach biodh aca ri seirbheisean eile a ghearradh.
Chuir iad am plana an dàrna taobh às dèidh dhan Riaghaltas leigeil fhaicinn gun cailleadh a' Chomhairle barrachd airgid na bha iad an dùil, 's gum biodh feum air gearraidhean ri linn sin.
Tha iad air sreath ùr de mholaidhean a chur air adhart gus am buidseat a stèidheachadh.
Nam measg tha cosgais dinnearan sgoile a chur suas 10%, is leasanan ciùil 20%.
Nì iad deasbad cuideachd air cuid de phlanaichean a th' aca a chur dheth rè ùine.
Thathas a' tuigsinn gun cuir comhairlichean SNP san sgìre planaichean eile air adhart.