BBC Naidheachdan

Iomairt ga cur dheth

Published
image copyrightPoilis na h-Alba
Chaidh iomairt theasairginn air an talamh gus dithis shreapadairean a chaidh a dhìth air Beinn Nibheis a lorg a stad ri linn cunnairt bho mhaoimtean-sneachda.
Bha an cupal òg - Rim Newton, 27, agus a leannan Rachel Slater, 24, à Bradford ann an Sasainn, a' càmpachadh aig bun taobh tuath na beinne, 's dùil aca grunn làithean a chur seachad a' sreap.
Cha do thill iad chun an teanta aca ge-tà, agus cha chuala duine càil bhuapa bho Dhidòmhnaich.
Chuir an droch shìde stad air an iomairt theasairginn Dimàirt.
Bha a' ghaoth a' ruighinn 80 m.s.u. agus theab dithis den sgioba a bhith air an glacadh ann am maoim-sneachda.
Bha an aimsir na cnap-starra a-rithist madainn Diciadain, 's ged a thàinig piseach mòr oirre, thuirt an sgioba teasairginn gu bheil fhathast nàdar an t-sneachda ga fhàgail ro chunnartach a dhol a choimhead mu chliathaich na beinne Diardaoin.