Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An Gearran 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cosnadh

Bha an àireamh as motha riamh ann an cosnadh ann an Alba anns na trì mìosan mu dheireadh an-uiridh. Tha na figearan oifigeil ag ràdh gun robh beagan a bharrachd air 2,630,000 duine ann an obair. Tha sin suas 22,000 air na trì mìosan ron a sin. Bha an àireamh a bha gun chosnadh air feadh na Rìoghachd Aonaichte aig an ìre as lugha ann an deich bliadhna, aig 1.69m.

Beinn Nibheis

Chuir droch shìde stad an-dràsta air luchd-teasairginn a bha a' coimhead airson dithis air Beinn Nibheis. 'S ann à Bradford a tha Raonaid Slater a tha 24 bliadhna de dh'aois, agus Tim Newton a tha 27. Bha iad a' campachadh air a' bheinn air an deireadh-sheachdain, agus 's ann Là na Sàbaid a chualas bhuapa mu dheireadh.

Sgiobair na h-Iachta

Thuirt poilis gun deach duine a chur an grèim fo bharantas eadar-nàiseanta an dèidh cobhair a dhèanamh air an-dè far chosta an iar na h-Alba. Chaidh an duine, a tha 35, a thogail le heileacoptair far iachta a bh' ann an trioblaid an iar air Tiriodh. Thuirt Poilis Alba gu bheil dùil ris ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Dùn Èideann an-diugh fhathast.

An t-Aonadh Eòrpach

Tha oifigich Bhreatainn an sàs anns an là mu dheireadh de chòmhraidhean anns a' Bhruiseil mu aonta ùr air àite na Rìoghachd Aonaichte anns an Aonadh Eòrpach. Tha Dàibhidh Camshron ag amas air aonta aig àrd-choinneimh nan ceannardan Eòrpach a-màireach, agus sùil aige air referendum air a' chùis an ceann beagan mhìosan.

Comhairlean

'S ann an-diugh a chuireas Comhairle nan Eilean Siar romhpa mar a ghearras iad £2.2m às a' bhuidseat aca. Feumaidh a' Chomhairle còrr is £8m a shàbhaladh uile gu lèir, agus tha iad air £6m dheth sin a chomharrachadh mar thà. Agus cuiridh Comhairle Mhoireibh buidseat air dòigh an-diugh, an dèidh cur às do phlana an sin airson àrdachadh de 18% anns a' Chìs-Chomhairle.

Tràigh Losgaintir

'S i tràigh Losgaintir anns na Hearadh an aon tràigh an Alba a th' air liosta TripAdvisor de na deich tràighean as fheàrr san Rìoghachd Aonaichte. 'S i tràigh Woolacombe ann an Devon a th' anns a' chiad àite air an liosta sin am-bliadhna a-rithist.