"Tuilleadh phrògraman Gàidhlig a dhìth"

  • Air fhoillseachadh

Tha Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh gun dèan am BBC còrr air a dhà uimhir de phrògraman telebhisein Ghàidhlig do BhBC ALBA.

Rinn iad an t-iarrtas airson Cairt Rìoghail ùr a' BhBC a thig a-steach aig deireadh na bliadhna.

Anns a' phàipear phoileasaidh aca airson Cairt Rìoghail ùr a' BhBC, tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun deach luchd-amhairc BhBC ALBA suas am measg luchd-labhairt na Gàidhlig anns na 18 mìosan a dh'fhalbh, agus gun robh 700,000 neach ga choimhead anns a' chumantas gach seachdain.

Ach thuit luchd-labhairt an t-sianail mar chuid de shluagh na h-Alba gu lèir, bho 18% gu 16%, a' chiad uair bho thòisich BBC ALBA ann an 2008.

Tha an Riaghaltas ag ràdh gu bheil cus ath-chraolaidhean air an t-sianal Ghàidlig agus tha iad ag iarraidh air a' BhBC na tha iad a' dèanamh de phrògraman do BhBC ALBA a chur suas còrr air an dà uimhir, gu ìre S4C anns a' Chuimrigh.

An-dràsta, nì am BBC 520 uair de thìde de phrògraman gach bliadhna don t-sianail Chuimreach, an taca ri 230 uair de thìde do BhBC ALBA.