Sgiobair iachta an grèim
- Air fhoillseachadh
Thuirt na Poilis gun deach duine a chur an grèim fo bharantas eadar-nàiseanta an dèidh cobhair a dhèanamh air Dimàirt far chosta an iar na h-Alba.
Chaidh an duine, a tha 35 agus a bhuineas don Ruis, a thogail le heileacoptair far iachta a bh' ann an trioblaid an iar air Tiriodh.
Chuir an duine a-mach brath-èiginn goirid an dèidh meadhan-oidhche Oidhche Luain, 's an iacht 40 troigh air a dhol far a chùrsa faisg air Taigh-solais Sgeiridh Mhòir.
Thug e gu Dimàirt cobhair a dhèanamh air air sgàth na sìde.
Thuirt Poilis na h-Alba gu bheil dùil ris ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Dùn Èideann Diaciadain.