Fireannach marbh an dèidh maoime-sneachda
- Air fhoillseachadh
Tha fireannach air bàsachadh, agus tha fear eile ìosal san ospadal an dèidh maoime-sneachda air Creig Mheagaidh.
Chunnacas a' mhaoim le sreapadairean eile agus sgiobannan teasairginn san sgìre.
Chaidh ceithir sgiobannan teasairginn chun na làraich, 25 mìle an ear-thuath air a' Ghearasdan mu 3:15 feasgar Diciadain.
Cha robh duine sam bith eile an sàs, agus chaidh an iomairt teasairginn a thoirt gu crìch.
Chaidh an dithis a thoirt a dh'Ospadal a' Bhelford sa Ghearasdan le heileacoptair a bh' air a bhith an sàs ann an iomairt air Beinn Nibheis, far a bheil dithis shreapadairan air a bhith a dhìth bho Dhidòmhnaich.