Iomairt fhathast na tàmh

  • Air fhoillseachadh
Tim Newton agus Rachel SlaterTùs an deilbh, Poilis na h-Alba

Tha dithis shreapadairean fhathast a dhìth air Beinn Nibheis, 's gun sgeul orra bho Dhidòmhnaich.

Bha Raonaid Slater, 24, agus a leannan Tim Newton, 27, à Bradford ann an Sasainn, a' sreap air a' bheinn, agus iad a' campachadh aig bun taobh a tuath na beinne.

Tha an aimsir air maill a chur air iomairt gus lorg fhaighinn orra.

Thuirt Sgioba Teasairginn Bheanntan Loch Abair gun robh an sneachda ro chunnartach Diciadain airson iomairt air an talamh, a thuilleadh air ceò agus gaoth mhòr.

Chaidh heileacoptair a chur an sàs, ach b' fheudar sin fhàgail gus cobhair a dhèanamh air dithis a chaidh a ghlacadh ann am maoim-sneachda air Creig Mheagaidh.

Bhàsaich fear den dithis, agus tha fear eile ìosal san ospadal sa Ghearasdan.

Tha dùil Diardaoin gun tòisich an iomairt air Beinn Nibheis a-rithist, ach tha sin a' crochadh air measadh a nì an sgioba teasairginn air suidheachadh na h-aimsire agus an t-sneachda.