"Gnothach na Comhairle" a th' ann an sgoiltean Ghlaschu

Sgoil

'S e beachd Mhinistear na Gàidhlig, Alasdair Allan, gur ann aig Comhairle Ghlaschu a tha co-dhùnadh air cò a gheibh àite sna sgoiltean aca.

Dh'innis Comhairle Ghlaschu do 17 teaghlaichean bho chionn ghoirid nach fhaigh an cuid chloinne àite ann am bun-sgòil ùir Ghàidhlig a' bhaile.

Leis an dàrna bun-sgoil Ghàidhlig gus fosgladh ann an Glaschu, tha a' Chomhairle a-nis a' toirt prìomhachais air àiteachan innte do chloinn a tha a' fuireach faisg air an sgoil, seach feadhainn o air feadh a' bhaile aig a bheil Gàidhlig.

Thuirt a' Chomhairle gur e pàirt den adhbhar nach eil àiteachan ann a choileanas an t-iarrtas a th' ann, nach eil tidsearan gu leòr ann.

Tha an Dr. Allan ag ràdh gu bheil e deònach bruidhinn ris na pàrantan agus ri Comhairle Ghlaschu, ach gur e gnothach na Comhairle a th' ann air a' cheann thall.

"Tha mi a' tuigsinn carson a tha briseadh-dùil ann," thuirt e.

"Feumaidh mi a ràdh tha mi a' moladh Comhairle Ghlaschu airson na rinn iad airson foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig ann an Glaschu. Tha sin a' fàs agus tha an t-iarrtas air a shon a' fàs.

"An dàrna bun-sgoil a' fosgladh ach tha iarrtas cho làidir ann gu bheil cus ann airson na sgoile a rèir choltais.

"Aig deireadh an là 's ann leis a' Chomhairle a tha an sgoil, ach tha mise air sgrìobhadh air ais is air adhart gu na pàrantan a tha a' tighinn thugamsa mu dheidhinn, agus tha mi an dòchas gum bi cothrom ann airson na pàrantan agus a' Chomhairle a bhith a' cruinneachadh le chèile mu dheidhinn," thuirt e.