Cosnaidhean Comhairle na Gàidhealtachd gan lùghdachadh
- Air fhoillseachadh

Fàgaidh 341 duine an cosnadh le an toil aig Comhairle na Gàidhealtachd.
Tha an naidheachd a' tighinn an dèidh mar a chuir an t-ùghdarras ionadail an sgeama air bhonn agus aca ri cha-mhòr £40m a chùmhnadh.
Chuir còrr is 800 duine de luchd-obrach na comhairle an ainm air adhart.
Tha an Comh. Alasdair MacFhionghain, bho sgioba bhuidseat an ùghdarrais, ag ràdh gur dòcha gum feum iad an sgeama a chur air bhonn anns na bliadhnaichean a tha romhainn cuideachd agus an t-airgead a' sìor fhàs gann.
Sàbhaladh
Thuirt Mgr MacFhionghain: "Tha sàbhaladh gu bhith ann de chòrr air £10m gach bliadhna leis an fheadhainn a bhios a' fàgail, ach tha cosgaisean ann cuideachd."
Cosgaidh e còrr air £12m dhan chomhairle daoine a phàigheadh dheth, ach thuirt Mgr MacFhionghain gum bi sàbhaladh ann anns an ùine fhada.
Inbhir Nis
Bha e ag ràdh gum bi daoine a' fàgail bho ghach roinn anns a' Chomhairle, ach gu bheil a' mhòr-chuid aca ag obair aig prìomh oifisean an ùghdarrais ann an Inbhir Nis.
Thuirt Stiùiriche Ionmhais Chomhairle na Gàidhealtachd, Dùghlas Yule, gun toir seo buaidh air seirbheisean.
Bha e ag ràdh: "Ma tha thu a' toirt uiread de luchd-obrach air falbh, chan urainn dhut a bhith a' sùileachadh gum bi seirbheisean aig an aon ìre."