Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An Gearran 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

An t-Aonadh Eòrpach

Thuirt Sràid Downing gu bheil Dàibhidh Camshron gu math dòchasach a' dol gu àrd-choinneimh fad dà là sa Bhruiseil far a bheil e ag iarraidh aonta ùir air ballrachd Bhreatainn anns an Aonadh Eòrpach. Bidh iad a' deasbad, am measg rudan eile, casg a tha Mgr Camshron ag iarraidh air sochairean do luchd-imrich - rud nach eil cuid de dhùthchannan an ear na h-Eòrpa ag iarraidh. Thuirt am Prìomhaire gu bheil e air deagh adhartas a dhèanamh mar thà, ged a tha Ceann-Suidhe na Comhairle Eòrpaich, Dòmhnall tusk, ag ràdh nach eil cinnt sam bith ann air aonta.

Beinn Nibheis

Tha sùil aig luchd-teasairginn air an aimsir mus tèid iad a choimhead às ùr an-diugh airson dithis air nach eil sgeul air Beinn Nibheis. Chuir sneachda trom, ceò agus gèile maill an-dè air an iomairt airson Raonaid Slater agus Tim Newton à Bradford, air nach cualas guth bho Dhisathairne.

Dùn Phris

Agus chaochail an dàrna seann duine a bh' ann am buidhinn de thriùir a chaidh air chall air Monadh Lowther faisg air Dùn Phris. B' iad Seòras Crosby, a bha 73 bliadhna de dh'aois, agus Geoffrey Stiùbhart, a bha 74 bliadhna de dh'aois, à Dùn Phris, a chaill am beatha. Tha treas duine ann an Ospadal Dhùn Phris agus Ghall-Ghàidhealaibh.

Comhairle nan Eilean Siar

Dh'aidich Comhairle nan Eilean Siar gur dòcha gum feum gearradh a dhèanamh a-rithist an ath-bhliadhna, ged a chaidh gabhail ri buidseat an-dè anns a bheil £8.5m de ghearraidhean uile gu lèir. Mar phàirt dheth sin cha tèid uimhir a chosg air rathaidean, agus thèid sguir gu lèir de thidsearan a bhios a' siubhal bun-sgoiltean a' teagaisg leithid PE, ealain agus ceòl - ged a thèid na dreuchdan sin a ghlèidheadh. Bidh Taigh-Spadaidh Steòrnabhaigh a' fuireach fosgailte, ged a bhios cosgais nas motha ann airson beathaichean a spadadh.

Comhairle na Gàidhealtachd

Agus thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum bi 341 duine den luchd-obrach a' fàgail an dreuchd le an toil fhèin, den 800 a thuirt gun robh iad deònach sin a dhèanamh. Bidh iad sin a' fàgail ro thoiseach a' Ghiblein, a' cùmhnadh còrr is £10m dhan Chomhairle air an ath-bhliadhna-ionmhais.

An Tuirc

Thuirt an Tuirc gur iad ceannarcaich Khurdach a thug ionnsaigh le boma an-dè air a' phrìomh bhaile Ankara. Chaill 28 duine air a' char as lugha am beatha, agus thuirt an Tuirc gun dèan e dìoghaltas airson sin. Chaidh 14 duine a chur an grèim.

Sgoiltean Gàidhlig Ghlaschu

Thuirt Ministear na Gàidhlig, Alasdair Allan, gur ann aig Comhairle Ghlaschu a tha co-dhùnadh air cò a gheibh àite sna sgoiltean aca. Dh'innis Comhairle Ghlaschu do 17 teaghlaichean bho chionn ghoirid nach fhaigh an cuid chloinne àite ann an sgoil ùir Ghàidhlig a' bhaile. Thuirt an Dr. Allan gu bheil e deònach bruidhinn ris na pàrantan agus ri Comhairle Ghlaschu, ach gur e gnothach an Comhairle a th' ann air a' cheann thall.