Google Translate sa Ghàidhlig

  • Air fhoillseachadh
Google Translate

Chuir Google a' Ghàidhlig ri àireamh nan cànanan a tha mar phàirt den ghoireas air-loidhne aca, Google Translate.

Tha ceud cànan a-nis san t-siostam, 's iad air 13 cànanan ùra a chur ris.

A thuilleadh air a' Ghàidhlig, chaidh cànan Hawaii, Samòais, Pashto (Afganastan), Corsicanais, Frìseis, Lucsamburgais, Kyrgyz, Amharaic, Kurdais, Shona (Sìombabue), Sindhi (na h-Ìnnseachan agus Pagastan), agus Xosa (cànan màthaireil Nelson Mandela nach maireann).

Thuirt a' chompanaidh gum faod a-niste 120 millean duine a bharrachd conaltradh a dhèanamh air-loidhne sa chànan aca fhèin ri linn an leasachaidh.

Thuirt iad gum feumadh cànanan ùra sa chiad dol a-mach a bhith ann an riochd sgrìobhte, ach cuideachd gum feumadh gu leòr de dh'eadar-theangaichean sa chànan a bhith ri fhaotainn air an eadar-lìon.