Bhàsaich duine ann an tubaist-rathaid faisg air Inbhir Theòrsa

Dhearbh na Poilis gun do bhàsaich fireannach, 26 bliadhna de dh'aois, ann an tubaist le dà charbad faisg air Inbhir Theòrsa Diciadain.

Bha an duine na neach-siubhail ann an càr a bh' ann an tubaist le 4x4 mu 5:45f air an A836 aig Forss.

Fhuair an dithis dhràibhearan cùram, ach cha deach an droch ghoirteachadh.

Bha pàirt den rathad dùinte gu 04:30m fhad 's a bha sgrùdadh a' dol.