Gearradh cìse uisge-bheatha ga iarraidh
- Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, PA
Dh'iarr Comann an Uisge-Bheatha gun tèid a' chìs a th' air uisge-bheatha a ghearradh 2% sa bhuidseat an ath-mhìos.
Tha an Comann ag ràdh gu bheil figearan ùra a' sealltainn cho cudromach 's a tha an gnìomhachas do dh'eaconamaidh Bhreatainn.
Thuirt iad gu bheil luach £4bn anns na tha iad a' cur a-null thairis, agus às aonais a' ghnìomhachais gum biodh easbhaidh malairt Bhreatainn 11% na bu mhotha na tha e an-dràsta.
Gheàrr an Seansalair, Seòras Osborne, a' chìs a th' air uisge-bheatha a dhà sa cheud an-uiridh.
Thuirt an Comann gun do rinn sin feum, ach gu bheil a' chìs a th' air botal sa chumantas fhathast a' dèanamh suas cha-mhòr 80% den phrìs.