Dùil ri iomairt às ùr
- Air fhoillseachadh

Tha sgioba teasairginn nam beann ann an Loch Abar an dùil iomairt air talamh a thòiseachadh às ùr Disathairne feuch lorg fhaighinn air dithis shreapadairean a th' air a bhith a dhìth air Beinn Nibheis bho Dhidòmhnaich seo chaidh.
Ri linn neart na gaoithe agus na th' air a bhith ann de shneachda, tha maill air a bhith air an iomairt Raonaid Slater, 24, agus a leannan Tim Newton, 27, à Bradford ann an Sasainn, a lorg.
Bha heileacoptair nam Maor-Cladaich a' sgèith mun cuairt air Beinn Nibheis tron là Diardaoin feuch am faigheadh iad sgeul orra.