Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An Gearran 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

An t-Aonadh Eòrpach

Thill Dàibhidh Camshron an-diugh dha na còmhraidhean anns a' Bhruiseil mu àite Bhreatainn anns an Aonadh Eòrpach. Cha tàinig iad gu aonta an-raoir, agus ged a tha Sràid Downing agus Ceann-Suidhe na Comhairle Eòrpaich Dòmhnall Tusk ag ràdh gun do rinn iad adhartas, dh'aidich iad gu bheil na h-uimhir ri dhèanamh fhathast.

Frèama Fiosgal

Tha còmhradh às ùr ann an Lunnainn an-diugh mu ionmhas na h-Alba eadar Àrd-Rùnaire an Ionmhais Greg Hands, agus Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba John Swinney. 'S e Dimàirt seo tighinn an ceann-là as ùire a chuir iad romhpa, agus aonta a' faileachadh orra, ged a tha iad air coinneachadh deich tursan a-niste.

Beinn Nibheis

Thuirt luchd-teasairginn nach eil dad de dhùil gun leig an aimsir an-diugh leotha a dhol a choimhead a-rithist airson dithis air Beinn Nibheis. Tha cunnart bho mhaoim-sneachda agus neart na gaoithe air a bhith a' cur maill air an iomairt airson Raonaid Slater agus Tim Newton à Bradford air nach eil sgeul bho Dhisathairne seo chaidh.

Comhairle na Gàidhealtachd

Chàin Buill-Phàrlamaid Albannach air Ghàidhealtachd na gearraidhean a tha Comhairle na Gàidhealtachd an dùil a dhèanamh. Tha a' Chomhairle ag amas air £40m a chùmhnadh, agus tha iad a' cur romhpa, am measg rudan eile, sguir a chur feòla ann an dinnearan sgoile, a bhith a' dùnadh thaighean-beaga, nas lugha de thidsearan, agus nas lugha de ghlanadh air na sràidean.

Seirbheis Slàinte

Tha fear de chomhairlichean Uibhist, Uisdean Robasdan, den bheachd gur e seirbheis slàinte aig dà ìre a bhios anns na h-Eileanan an Iar, agus an t-seirbheis as miosa ann an Uibhist is Barraigh tha e ag ràdh. Cha bhi deuchainnean cridhe Well North ann am Barraigh tuilleadh, agus cha bhi iad ach uair sa bhliadhna ann an Uibhist bho seo a-mach. Thuirt Bòrd Slàinte nan Eilean Siar nach urrainn dhaibh an t-seirbheis a chumail aig an aon ìre leis cho gann 's a tha an t-airgead aca.