Easbaig ùr air a choisrigeadh

Bishop Brian McGee Image copyright Duncan Macpherson

Chruinnich còrr air 700 duine bho air feadh Sgìre Easbaig Earra-Ghàidheal is nan Eilean ann an Cathair-Eaglais Chaluim Chille anns an Òban oidhche Ardaoin airson coisrigeadh Easbaig ùir na sgìre, Brian McGee.

'S esan an 11mh Easbaig san sgìre.

Tha e a' dol an àite an Easbaig Iòsaph Toal, a bhuineadh do Dhrochaid Ruaidh ann an Loch Abar, agus a tha a-niste na Easbaig ann Tobar na Màthar.

Bha luchd-clèir bho air feadh na h-Alba an làthair aig a' choisrigeadh.

B' e Àrd-Eaasbaig Chille Rìmhinn agus Dhùn Èideann, Leo Cushley, a bha air ceann na seirbheis, le Teachdaire a' Phàpa don Rìoghachd Aonaichte, an t-Àrd-Easbaig Antonio Mennini, an làthair mar riochdaire oifigeil a' Phàpa Phroinnseas, 's e a' toirt seachad teachdaireachd phearsanta don sgìre bhon Phàpa Phroinnseas.