Droch thubaist air an A9
- Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Brian Smith
Thachair an tubaist faisg air Deilgnidh
Chaidh dithis bhoireannach a thoirt dhan ospadal is iad air an droch ghoirteachadh às dèidh tubaist air an A9 air Ghàidhealtachd.
Thachair an tubaist, le dà chàr, faisg air Deilgnidh, Inbhir Ghòrdain, ro 13:30 Là na Sàbaid.
Thuirt na poilis gun deach dràibhear Ford Fiesta gorm is neach-siubhail ann an Honda Civic gorm a thoirt gu Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis.
Tha na poilis airson bruidhinn ri duine sam bith a chunnaic an tubaist.