Còmhraidhean mu chumhachdan

Thig a' chiad ìre de chòmhraidhean eadar na trì comhairlean eileanach agus Riaghltas na h-Alba, mu chumhachdan a bharrachd, gu ceann agus a' choinneimh mu dheireadh aca ann an Sealtainn Diluain.

Thèid deasbad a chumail air grunn chuspairean.

Nam measg, tha Comhairle nan Eilean Siar airson dearbhadh fhaighinn air na tha fainear do chùmhachdan Oighreachd a' Chrùin.

Thuirt Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, gu bheil e airson 's gun tèid gnothaichean a ghuasad air adhart do na h-eileanan leis gu bheil còrr agus bliadhna ann a-nis bhon a chaidh Coimisean Mhic a' Ghobhainn fhoillseachadh.

Bha fear-gairm an ùghdarrais, Tormod Dòmhnallach ag ràdh: "Bitear a' coimhead ris na freagairtean a thig a-steach a thaobh conaltradh Bile nan Eilean agus cuideachd a' coimhead ri dè an t-adhartas a thathas a' dèanamh air "City Deal" airson bailtean mòra - tha sinne a' bruidhinn ris an riaghaltas mu dheidhinn "deal" airson na h-eileanan cuideachd."